Fèis Film nan Eileanan Beaga 2007

Èirisgeigh, na h-Eileanan Siar

Dihaoine 15mh – Didòmhnaich 17mh den Ògmhios 2007  

Smext5[1]

Mu dheich bliadhna air ais bha Prìomhaire Èireann, Mary Robinson, a’ coimhead ri suidheachadh a chruthachadh sna h-eileanan a bheireadh cothrom dha Albannaich ‘s Èireannaich tighinn còmhla ‘s an cultar luachmhor a tha eatorra a thoirt gu aire an t-sluaigh.  Tha na dearbh bhriathran seo a’ faighinn brìgh am-bliadhna tro Fhèis Film nan Eileanan Beaga a tha gus a bhith ann an Èirisgeigh air an ath-mhìos.  Tron tachartas shònraichte seo, thig muinntir nan eilean còmhla ri luchd-film, oileanaich, caraidean agus luchd-taic airson 70 bliadhna de dh’obair-riochdachaidh anns na coimhearsnachdan beaga seo a chomharrachadh.  Tha na coimhearsnachdan Gàidhlig/Gaeilge air a bhith a’ nochdadh sna meadhanan lèirsinneach airson cha mhòr 100 bliadhna, a’ toirt gu buill tasglann fharsaing de dhealbhan a tha a’ sealltainn nan eilean ‘s a’ chultair co-cheangailte riutha.  Anns na 10 bliadhna a tha air a dhol seachad tha leudachadh ann an gnìomhachas nam film, tro mheadhan na Gàidhlig/Gaeilge, air cothrom a thoirt dha luchd-film aig a bheil buinteanas ri na h-eileanan obair a chruthachadh a tha a’ tarraing sealladh on taobh a-staigh.  Mar thoradh, tha filmichean nam pàirt m òr dha dualchas nan eilean a bharrachd air an nuadh-chultar chruthachail. ‘S e eileanan beaga Èirisgeigh, Alba agus Toraigh, Èirinn a’ gabhail na Fèise os làimh am-bliadhna ‘s iad fhèin air àite cudromach a chosnadh ann am film.  Airson tachartasan na fèise gu lèir fhaicinn (fhathast rin dearbhadh) rachaibh gu: tachartasan-an-fheis-v2.pdf

Airson cosgaisean ‘s clàradh rachaibh gu:  foirm-claraidh-v1.pdf 

Airson fiosrachaidh mu shiubhal agus àitean-fuirich rachaibh gu: fios-siubhal-v1.pdf 

A’ cur an àrd na h-eileanan beaga tro fhilm 

small-islands31Tron t-suidheachadh choimhearsnachdail air eilean beag sònraichte agus le bhith a’ toirt sùil gheur air filmichean mu na h-eileanan, tha Fèis Film nan Eilean  Beaga a’ dèanamh na h-uimhir a thaobh a bhith ag àrdachadh gnìomhachas nam film ann an Alba.  Thèid dlùth-chàirdeas an t-suidheachaidh seo a chur gu deagh fheum ann a bhith a’ toirt air n-adhart deagh chòmhradh ‘s deasbad eadar dhaoine, a’ sgaoileadh fiosrachaidh ‘s a’ daingneachadh tuigse air na leasachaidhean a ghabhadh dèanamh ‘s na cothroman a tha ann rin gabhail. ‘Eileanachas’ A’ freagairt thrioblaidean cultarail, poilitigeach ‘s eaconamaigeach  Le bhith ag obair còmhla ri buidhnean cultarail stèidhichte sna h-eileanan, gheibhear an cothrom an t-uabhas de stuth aithriseach mu na h-eileanan mu dheas a chur air beulaibh na bhios an làthair.  A bharrachd, chithear stuth à àitean eile mar Arcaibh ‘s Sealtainn agus cuideachd à Èirinn ‘s Korea.  Thèid cuspairean a thogail às na thathar a’ faicinn ‘s bidh an cothrom ann còmhradh mun deidhinn tron deireadh-sheachdain.  Bidh an tachartas seo na fhìor thlachd dha duine sam bith aig a bheil ùidh an dà chuid ann an cultar nan eilean agus anns na meadhanan.  Tha dithis a tha an sàs anns an fhèis cuideachd a’ suidhe air buidheann-stiùiridh Chomann Eadar-nàiseanta nan Eilean Beaga, a tha trang ag ullachadh airson co-labhairt mu eileanan beaga an t-saoghail a bhios air a cumail ann an Korea ann an 2008.  Tha planaichean gan dèanamh cuid den stuth on fhèis seo a shealltainn thall ann an Korea aig an àm seo. Fèis Film Eilean Thoraigh 2007  Comann Eadar-nàiseanta nan Eilean Beaga   Goireasan Cultarach agus Dualchas nan Eilean Tha e mar amas na fèise filmichean ‘s luchd-film a bhuineas dha na h-eileanan beaga a thoirt gu aire aig ìre ionadail, nàiseanta ‘s eadar-nàiseanta.  Tha tachartas sònraichte dhe leithid seo a’ toirt a’ chothruim dha muinntir nan eilean raon farsaing dhe na meadhanan lèirsinneach fhaicinn a tha a’ tabhann sealladh inntinneach dhe na coimhearsnachdan aca fhèin. 

Bliadhna na Gàidhealtachd/oirbh do Ghàidhealtachd 2007 H2007_RGB_STha an tachartas seo, Fèis Film nan Eileanan Beaga 2007, mar phàirt den oidhirp a tha na h-Eileanan Siar gus a dhèanamh airson Bliadhna na Gàidhealtachd 2007 a chomharrachadh. Mar bu dualtach, ann an suidheachadh Gàidhlig mar Èirisgeigh, thèid na thig a shealltainn a dheasbad sa Ghàidhlig, le goireasan eadar-theangachaidh ann am Beurla.  Cuideachd, tha a’ mhòr-phàirt dhe na filmichean a tha rin sealltainn ann an Gàidhlig, le fo-thiotalan.